Fhir a shiubhaileas dom dhùthaich,
Beir beannachd le ruin uam da còir,
Ghaelteachd bheadarach mhuirneach,
Sam b-ábhaist dhomh dùsga ’s mi òg;
Tir nan gaisgeach ’s nan tréun-fhear,
Rachadh brais ann san streupa le deòin,
’S nach geilleadh do phrábar,
Fhad sa mhaireadh fuil bhlàth annt’ is deò.
Soireadh uam gu Siochaillean,
Tha geiridh ’m Bun-Raineach nam bò,
’S Beinn-a-Chuallach nan tàrmach,
Air ’m minic a thármaich ’n ceò,
Sa Ghiusach bha miadhail,
Mun do spiant’ i a freumh le droch phòr,
’S Càri ainmeal bha cúirteal,
Far an cluinte luchd ciuil aig tra nòin,
Soireadh eile don gharbh-mheall,
’S h-uile stachdan is garbh-chlach na chòir,
Far ’m faighte Fir-chalamadh
A sireadh so sealg daimh na cròic,
Bhidh am fùdar a lasadh,
’Sluaidh dhù-ghorm gu brais dol na lòid,
Sa ’m fear ceannardach cabrach
’S e na dheann tuiteam thaireas gun tréoir.
[3]
Soireadh eile gun dearmad,
Bheir a null gu Loch-Eireachd ’n fheidh
’S gu Beinn Amhlair na h-uaghaimh,
Far na thuinich Fear Chluainidh sa ’m Prionns,
’S cha robh dh’ òr ann an Sasunn,
Na dhuisge luchd bratha san am,
Ged chaidh pailteas dheth thàirgse,
Mur luach foladh ’s mur phris air a cheann.
’S bheir thu scriob mach gu Fuar-mhon,
Sa null gu Druim-uachdair nan drobh,
Gu Loch-Garadh san Cearcull,
Mur sin ’s Dail ’n Spideal an fheòir,
Far am b’-aist don ghreidh uallach,
Bhith mireag sa ruaig air an lòn,
Stric bha spuirt aig daoin uaisle ann,
Le gaothair sheang luath air an tòir.
Soiridh eil’ do Shroin-Phadruig,
’S le direadh gu braidh an Dùin,
’N sin chi thu an àros,
Far ’m b-abhaist domh farsan le ’m chù,
Tearnadh staigh air ruidh Ghlas-choir,
Bu tartrach ann coinneamh fir-mhòr,
’S piob-mhor mhalach le nuallan,
Thogadh aigne clann tuadh’ gu ceòl.
Tha na beanntain mur ab-abhaist,
’S na gleanntain na’n àiteachain fhein,
Ach gun bhothan air airidh,
’S gun bhanarach bhlàth ann le spreidh,
Cha n-’eìl gruth ann na uachdar,
Cha n-’eìl amhan na fuarag gheal ré,
Ach fhionntag dhosrach teachd suas ann,
’S i a sgaoile mun cuairt air an rèil.
[4]
O c’àit’ bheil na daoine,
A chleachd a bhith faoilidh ’s na glinn,
’S c’àit nis bheil na fiurain,
Chaidh thogail le muirn ann-t pris,
Rachadh dian an tùs baiteal,
’S bheiridh bèum as le claidh’ is pìc,
’S dh’ fhaga naimhdean nan sineadh,
Gun chinn, gun chasan, gun lamhan ’s gun chli.
Tha iad nis air an sgaoile,
Measg bhailtean ’s feadh choilltean thair sàil,
Dheanadh àite do chaoirich,
Agus airgead is maoin do luchd chàp,
Air am fogradh a ’n duthaich,
’S gun aon duil ac ri pilleadh gu bràth,
Sann chuir cabag na caorach,
’N da chuid croinn agus daoin air an spàr.
Ach mu thig oirn na Frangaich,
’S iad a bagairt san am oirn air sheòl,
Cia mar bheir sinn dhoibh ionnsuidh,
’S sinn gun spionnadh gun daoine gun dòigh,
’N cuir sinn claidh’ air caoirich,
Is targaid air gairdean daimh mhòr,
Na ’n cuir tamhunn cù ciobair,
Eagal air miltean de shloigh.
Tha mo smaointeansa luaineach,
’S tha ’m inntinn fo bhruaillean gu leor
’S mi cuimhneach na Gaelteachd,
Bha caireamach cairdeal ro choir,
Tha i nise dir caochladh,
Na fasain na daoine ’s na seòil,
’S tha mise nam aonar,
Mur Oisean ga caoimhne le bròn.